A` glacadh iongantas Earra
Transcription
A` glacadh iongantas Earra
A’ glacadh iongantas Earra-Ghàidheal Tha Sìne Nic a’ Ghobhainn na neach-ealain fiadhbheathaichean ainmeil, agus na neach-dèanaidh film le duais, agus tha i den bheachd gu bheil seallaidhean is fuaimean ann an Earra-Ghàidheal a tha cho sònraichte sa tha an àite eile san t-saoghal. 1 Aig aois nam ficheadan, às dèidh dha Sìne Nic a’ Ghobhainn ceumnachadh bho Oilthigh Manchester, fhuair i a-mach gun tug a cùrsa-beatha mar neachdèanaidh fhilmichean eachdraidh nàdair airson a’ BhBC agus National Geographic i air iomairtean tarraingeach air feadh an t-saoghail. Dh’fhaodadh i a bhith a’ filmeadh chomhachagan geala san tundra agus an uair sin a’ fuireach le cinn-fionn sa Chuan Siar a-Deas. Tha Sìne a-nis air a bhith a’ fuireach ann an Earra-Ghàidheal air cost aniar na h-Alba o chionn 1997, agus chan e a-mhàin gun lorg i bunait ùr brosnachaidh agus iongnaidh ach cuideachd dòigh eadar-dhealaichte air a bhith a’ faicinn agus a’ cur an cèill a gràdh air saoghal nàdair. Nuair a bha Sìne agus a cèile, an neach-dèanaidh fhilmichean fiadh-bheathaichean, Marc Mac a’ Ghobhainn, a’ sireadh dachaigh agus àite-togail theaghlaich, cha robh iad cinnteach an robh àite sam bith am Breatainn a bhiodh ann an coimeas ris na h-àiteachan iongantach a bha iad air fhaicinn air na tursan aca. Shiubhail iad fad is farsaing san sgìre ann a’ bhan campa, agus dìreach nuair a bha iad den bheachd nach robh iad air soirbheachadh, ràinig iad EarraGhàidheal agus dh’ aithnich iad gun robh iad air àite sònraichte a lorg, pàirt de dh’ Alba a bha cho sònraichte beartach le mullaichean cnuic, oirthirean, coilltean is eileanan. Brosnaichte le nàdar Dha Sìne chan e a-mhàin gum biodh seo na dhòigh-beatha atharraichte, ach cuideachd ann an 2000 nuair a rugadh a’ chiad leanaibh aice, na atharrachadh cùrsa-beatha. “Chan eil mathan bàn agus clann òga a’ dol còmhla mar as trice,” thuirt i, “Mar sin thòisich mi gam theagasg fhìn a thaobh dèanamh dhealbhan is gam foillseachadh, agus rinn mi sgrùdadh air m’ àite-còmhnaidh an Earra-Ghàidheal gus brosnachadh fhaighinn. Mar as motha a choimhead mi mun cuairt, is ann as motha a lorg mi. Dh’ ionnsaich mi far am bi an iolaireuisge a’ neadachadh, far am bi am breac a’ leum, far am faicear cathag nan casan dearg sa gheamhradh agus an traon as t-samhradh.” Dh’ fhàs a dìoghras air ealain gu luath, agus nuair a dh’fhàs daoine 2 1 Is e ‘Kittiwake dispute’ aon de ghnìomhan Shìne na bu thràithe agus tha seo a’ glacadh an dràma agus am beothaileachd a chì sinn ann am mòran eòin mhara. 2 Dealbh-tìre cumanta Innse Gall a’ sealltainn machair, geòidh is gainmheach àlainn gheal. 26 The Nature of Scotland www.snh.gov.uk 27 dèidheil air blogadh eadar-lìn fhuair i a-mach gum faodadh i an àrd-ùrlar seo a chleachdadh gu h-èifeachdach gus innse sgeulachd agus obairealain a mheasgachadh le eachdraidh nàdair. Mus tàinig 2005 bha i air taisbeanadh fhaighinn anns a’ Ghàrradh Luibheanach Rìoghail an Dùn Èideann le obair a chruthaich i airson Aig An Oir, pròiseact a chaidh a chruthachadh agus a riaghladh gu co-roinneil le Coimisean na Coilltearachd Alba agus Comann Luchd-ealain Fiadh-bheathaichean (SWLA). Ann an 2012 chaidh Sìne a thaghadh mar Phàirtiche den SWLA, 3 còmhla ris na rinn i taisbeanadh gach bliadhna aig Gailearaidhean Mall, Lunnainn, anns na sia bliadhna a dh’fhalbh. Tha tarraingeachd glacte EarraGhàidheal agus na h-Eileanan gu mòr air buaidh a thoirt chan ann a-mhàin air na grunn luchd-ealain a tha air fàs suas annta ach cuideachd orrasan mar Sìne a dh’fhairich sa bhad comhfhurtail ann am pàirt de dh’Alba nach robh idir coltach ri àite sam bith eile. Tha mòran de chruinneachaidhean soirbheachail luchd-ealain, slighean stiùidio is ghailearaidhean a tha a’ nochdadh mar a tha luchd-ealain ann an diofar dhòighean a’ tarraing air dealbhtìre, dualchas is fiadh-bheathaichean Earra-Ghàidheal. “Is ann le bhith a’ ceangal a-steach le fiadh-bheathaichean is urrainn dhuinn tòiseachadh air cùram a ghabhail mun deidhinn,” arsa ise. “Nuair a sheasas sinn a-muigh air oidhche reòta agus a dh’èisteas sinn ri gàir nan daimh agus nan comhachagan ruadha a’ sgreuchail ri chèile bho thaobh gu taobh den loch, tha sin a’ cheart cho tarraingeach ris an Serengeti.” A’ coinneachadh ri fiadhbheathaichean Tha an dàimh seo ris an t-saoghal mun cuairt oirre a tha cha mhòr beantainneach a’ ciallachadh gum bi na dealbhan iomlan aig Sìne a’ tòiseachadh le dealbh buaile, gus a bhith a’ comharrachadh cho inntinneach sa tha e coinneachadh ri beathach no eun fiadhaich. “Gheibh mi a-mach nuair a shuidheas mi a-muigh, a’ dèanamh dealbh gu socair, gu bheil beatha na coille no na cluaintean a’ gluasad mun cuairt orm,” mhìnich i, “Chì mi fada a bharrachd na chithinn nam bithinn a’ gluasad troimhe. Bidh mi a’ dèanamh dealbh de na rudan beaga a bhios a’ dol seachad, dealain-dè nam bogalach, cuileagan bruachaireach, cuileagannan-cruinneag àlainn os cionn an t-sruthain agus creithleagan anns na craobhan darach.” Gu dearbh a bharrachd air na coilltean daraich aice, na sruthain agus na lochan, tha cothrom sgrùdaidh gun chrìch air àrainnean oirthir is eileanach ann an Earra-Ghàidheal. O chionn 2011 tha Sìne air a bhith ag obair leis an RSPB air eilean Orasa. Ann an 2012 rinn i taisbeanadh aig Gailearaidh Ealain is Taigh-tasgaidh Kelvingrove an Glaschu le SEA Art in a Different Way far na dh’obraich i còmhla ri còig luchd-ealain eile air pròiseact mìneachaidh Future of the Atlantic Marine Environment (FAME) fo stiùir an RSPB. Anns na tràth-bhliadhnaichean aice mar neach-dèanaidh fhilmichean eachdraidh nàdair bha Sìne ag obair agus a’ faighinn tlachd bho dhiofar 28 The Nature of Scotland 5 4 phàirtean san t-saoghal air nach fhaigh cuid neo eadhon a’ mhòr-chuid dhuinn idir eòlas gu bràth. Ach, mar a bhios i ag ràdh, tha e a’ cheart cho inntinneach a bhith a’ lorg na fiadh-bheathaichean agad fhèin aig an taigh, agus ’s e sochair a tha sin a bu chòir dhuinn a mheas luachmhor. Faodaidh tu tuilleadh a leughadh mun eòlas aig Sìne ann an Orasa agus tuilleadh eisimpleirean den obair aice fhaicinn aig www.janesmithwildlifeart. blogspot.com Tuilleadh leughaidh Aig an Oir — Comann Luchd-ealain Fiadh-bheathaichean aig http://swla. co.uk/wp-swla/past-projects/ Àrainneachd Mhara a’ Chuan Siar san Àm ri Teachd (FAME) aig www. fameproject.ev/en 3 Is ann ainneamh a chithear an traon diùid, culcharach, ach cluinnear i gu tric. Bidh a gairm sònraichte eigheach a’ togail cuimhneachain bho àm dùthchail a tha air falbh. 4 Sìne aig a h-obair air aghaidh na dùthcha ann an EarraGhàidheal. 5 Tha na leòmain ruadh sia-spotach breagha, leòmain làitheil a tha gu tric air an ainmeachadh gu mearachdach mar dealain-dè. www.snh.gov.uk 29